Service request

Ionnsachadh agus Foghlam ann an Gàidhlig

Dè th’ ann

’S e Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FMG) a bhios ann nuair a thèid teagasg air adhart, anns a’ chiad dol a-mach, tro cànan na Gàidhlig, le Beurla a’ dol a teagasg mar dàrna cànan.  

Ann am Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, bidh na clasaichean, an t-ionnsachadh, na measaidhean, agus an curraicealam air fad, air an teagasg ann an Gàidhlig a-mhàin eadar Clas 1 agus Clas 3.  

Thig Beurla a-steach eadar Clas 4 agus Clas 7, ach, ’s e Gàidhlig fhathast na prìomh chànan na sgoile.

Thòisich Siorrachd Rinn Friù a’ tabhann Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Lùnastal 2022 do sgoilearan aig aois na bunsgoile.  

Faodaidh pàrantan an clann a chlàradh airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig Bunsgoil an Iar ann am Pàislig.

Faighibh a-mach barrachd mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig ìre na Bunsgoil ann an Alba (gaidhlig.scot)  

Cò dh’fhaodadh clàradh airson foghlam Gàidhlig

Chan urrainn do sgoilearan tòiseachadh ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig Bunsgoil an Iar ach ann an Clas 1.

Chan urrainn do sgoilearan gluasad a-steach do chlasaichean nas sìne ach nan robh iad ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig roimhe.

Mar a chlàraicheas sibh ur clann airson foghlam Gàidhlig

Clann a’ tòiseachadh na bunsgoile

Ma tha sibh a’ fuireach ann an Siorrachd Rinn Friù agus ma tha dùil ann gun tòisich ur pàiste ann an Clas 1 (C1), dh’fhaodadh sibh clàradh airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig Bunsgoil an Iar.

’S urrainn dhuibh seo a dhèanamh air-loidhne aig àm a’ chlàraidh.

Faighibh a-mach barrachd mu chlàradh airson Clas 1 aig an sgoil.

Ma tha sibh a’ gluasad a Shiorrachd Rinn Friù

Ma tha sibh a’ gluasad a Shiorrachd Rinn Friù agus ma tha ur pàiste ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig mar-thà ann an sgìre eile, bu chòir dhuibh greim fhaighinn air Bunsgoil an Iar gus còmhradh a ghabhail mu ur pàiste a’ gluasad don sgoil.  

Gheibh sibh greim air a’ cheannard le:

Às dèidh ur clàradh airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Gheibh Bunsgoil an Iar greim oirbh le cuireadh gu sèisean fiosrachaidh agus tachartasan eile gus taic a thoirt do ur pàiste ag eadar-gluasad don sgoil.  

Bidh cothrom ann tadhal air an sgoil agus coinneachadh ri na luchd-obrach, coimhead air na clasaichean agus sgoil san fharsaingeachd.  Faodaidh sibh ceistean sam bith a tha agaibh fhaighneachd.

Ma tha ur pàiste ann an sgoil-àraich bruidhnidh a’ bhunsgoil ris an sgoil-àraich mu thaic sam bith a dh’fheumar airson na h-eadar-gluasaid.  

Ma tha feumalachdan taice a bharrachd (FTB) aig ur pàiste no ma dh’fheumas sibh taic a bharrachd sam bith a thaobh an eadar-gluasaid, bu chòir dhuibh greim fhaighinn air a’ cheannard le:

Còmhdhail sgoile

Ma tha ur pàiste a’ frithealadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig Bunsgoil an Iar, bheir sinn còmhdhail dhaibh ma tha iad a’ fuireach nas fhaide na 1 mhìle air falbh bhon sgoile.

Faighibh a-mach cò as urrainn còmhdhail sgoile fhaighinn.

Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig ìre na h-àrd-Sgoile

Chan eil Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig ìre na h-àrd-sgoile aig Siorrachd Rinn Friù an-dràsta.  

Ma tha ur pàiste a’ frithealadh Bunsgoil an Iar agus ma tha iad airson cumail orra le foghlam Gàidhlig anns an àrd-sgoil, feumaidh sibh iarrtas a chuir a-steach gu ùghdarras ionadail eile aig a bheil e.

’S e ‘Iarrtas àite-sgoile’ a tha seo.  Feumaidh sibh iarrtas àite-sgoile a chuir a-steach leis an ùghdarras ionadail eile.  

Mura h-eil ur pàiste airson cumail orra le foghlam Gàidhlig faodaidh sibh iarraidh air àite aig an àrd-sgoil anns an sgìre-sgoile aca fhèin ann an Siorrachd Rinn Friù.

Mar a bheir sibh taic do ur pàiste ann am foghlam Gàidhlig

Ma tha ur pàiste ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig Bunsgoil an Iar, chan eil feum aca air Gàidhlig a bhruidhinn aig an taigh.

Ged nach eil feum air Gàidhlig aig an taigh, bheir e taic mhòr do leasachadh cànain aig ur pàiste ma brosnaicheas sibh iad a’ leughadh, a’ sgrìobhadh, ag èisteachd ri agus a’ bruidhinn na Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile.  

Bheir iad buannachd mhòr bhon àrainneachd bhogaidh a tha ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig oir tha fianais ag innse gu bheil e:

  • nas fhasa a bhith a’ fàs fileanta ann an Gàidhlig ma thòiseachas iad a h-ionnsachadh aig aois òg.
  • nas fhasa cànain eile ionnsachadh.
  • a’ leasachadh nan sgìlean cognatach aca leis a bhith a’ bruidhinn nas motha na aon chànan.

Airson cuideachadh a’ lorg cothroman gus na sgìlean Gàidhlig agaibh a leasachadh, cuir post-d gu: cssupport@renfrewshire.gov.uk.

Barrachd fiosrachaidh

Ma tha sibh ag iarraidh barrachd fhiosrachaidh mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig Bunsgoil an Iar, bruidhnibh ris an sgoil le: 

Ma tha ceist agaibh san fharsaingeachd mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig cuiribh post-d gu education@renfrewshire.gov.uk agus bruidhinn ris an sgioba foghlaim.