Renfrewshire Council

Ionnsachadh agus foghlam ann an Gàidhlig

Càite am faigh clann sa bhun-sgoil ann an Siorrachd Rinn Friù an cothrom air sgoil Ghàidhlig, mus tòisich do phàiste anns an sgoil, siubhal dhan sgoil, èideadh sgoile agus meud chlasaichean, a' cur taic ri foghlam do phàiste ann an Gàidhlig.

Càite am faigh clann sa bhun-sgoil ann an Siorrachd Rinn Friù an cothrom air sgoil Ghàidhlig

Clann ann am P1, P2 agus P3

Ma tha do phàiste a' fuireach ann an Siorrachd Rinn Friù agus a' tòiseachadh ann am prìomh 1, 2 no 3 san Lùnastal 2022, faodaidh tu an clàradh airson sgoil Ghàidhlig aig Sgoil an Taobh Siar. 

Bidh na clasaichean, ionnsachadh agus measaidhean uile ann an Gàidhlig.

Ma tha iad a' dol gu sgoil Ghàidhlig taobh a-muigh Siorrachd Rinn Friù, thathar an dùil gum bi iad a' nis a' dol dhan sgoil Ghàidhlig aig Bun-sgoil an Taobh Siar.

Cuiribh fios dhan sgoil fhèin mu dheidhinn ur pàiste no clann a chlàradh an sin. Faodaidh tu post-d a chuir gu Lynn McGinn, Ceannard Sgoile, aig westenquiries@renfrewshire.gov.uk no cuiribh fòn gu 0300 300 0177.

Clann ann am P4, P5, P6 agus P7

Cha eil sinn an-dràsta a' clàradh clann ann am P4, P5, P6 agus P7 airson sgoil Ghàidhlig aig Bun-sgoil an Taobh Siar. 

Ma tha iad a' dol gu sgoil Ghàidhlig taobh a-muigh Siorrachd Rinn Friù mu thràth, cumaidh iad orra a' dol ann mar as àbhaist. 

Faodaidh tu an clàradh airson sgoil Ghàidhlig ma tha iad fileanta ann a bhith a' bruidhinn agus a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig aig ìre freagarrach airson clann an aon aois.

Bidh iad ag ionnsachadh, a' bruidhinn agus a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig mar am prìomh chànan airson a h-uile cuspair, a' gabhail a-steach ionnsachadh Beurla.


Mus tòisich iad san sgoil Ghàidhlig aig Bun-sgoil an Taobh Siar

Cuiridh an ceannard sgoile agus an t-àrd-sgioba stiùiridh fios thugad mu dheidhinn tighinn a-steach airson seisean inntrigidh agus tachartasan airson cuideachadh leis an eadar-ghluasad. Faodaidh tu tadhail air Bun-sgoil an Taobh Siar airson coinneachadh ri luchd-obrach, na clasaichean agus goireasan fhaicinn, agus ceistean sam bith a dh'fhaodadh a bhith agad fhaighneachd. 

Ma tha do phàiste an-dràsta aig sgoil-àraich, bruidhnidh an sgoil cuideachd ri an sgoil-àraich aca airson taic eadar-ghluasad a chuir air dòigh.

Ma tha feumalachdan taice a bharrachd aig do phàiste, neo ma tha iad feumach air taic sam bith a bharrachd a bhith a' gluasad dhan bhun-sgoil, cuiribh fios gu ceannard sgoile Bun-sgoil an Taobh Siar sa chiad dol-a-mach aig westenquiries@renfrewshire.gov.uk no cuiribh fòn gu 0300 300 0177.


A' frithealadh an sgoil Ghàidhlig aig Bun-sgoil an Taobh Siar

Còmhdhail sgoile

Tha Bun-sgoil an Taobh Siar air Sràid Newton, Pàislig, PA1 2RL.

Gheibh clann ann am P1, P2 agus P3 an cothrom air còmhdhail sgoile ma tha iad a' dol gu:

  • sgoil Ghàidhlig aig Bun-sgoil an Taobh Siar agus a' fuireach nas fhaide air falbh na mìle bhon sgoil.
  • clas sgoile Gàidhlig aig bun-sgoil ann an sgìre comhairle eile faisg air làimh air sàilleabh gu bheil bràthair no piuthar na bu shine aca a tha a' dol dhan sgoil sin.

Ma tha do phàiste ann am P4, P5, P6 no P7, cumaidh sinn oirnn gan toirt dhan sgoil Ghàidhlig ma tha e ann an sgìre comhairle eile faisg air làimh.

Faicibh an seo cò gheibh an cothrom air còmhdhail bhon dachaigh dhan sgoil.

Èideadh sgoile

'S e an èideadh sgoile a tha còir a bhith air a h-uile sgoilear aig Sgoil an Taobh Siar:

  • bleusar gorm rìoghail            
  • briogais, sgiort no pionar glas        
  • lèine gheal, ghorm no ghlas        
  • tàidh sgoile                
  • geansaidh no càrdagan glas
  • seacaid rùsg gorm
  • lèine-pòlo ghorm
  • stocainnean glas no geal

Dh'fhaodadh gun urrainn dhut tagradh airson tabhartas aodaich airson brògan agus èideadh sgoile a chur thugainn, ma tha thu nad phàrant no neach-cùraim a bhios a' faighinn sochairean sònraichte.

Meudan chlasaichean

An toiseach, bidh sgoilearan ann am P1, P2 agus P3 ag ionnsachadh san aon seòmar-teagaisg.

Nuair a dh'fhàsas an àireamh de sgoilearan san sgoil nas àirde, thèid an àrainneachd ionnsachaidh a roinn gu clasaichean air leth. 


A' cur taic ri foghlam do phàiste ann an Gàidhlig

Ma tha do phàiste ag ionnsachadh tron Ghàidhlig, chan eil feum aca a bhith a' bruidhinn Gàidhlig san dachaigh. 

Ge-tà, cuidichidh e do phàiste ma tha thu gam brosnachadh a bhith a' bruidhinn, a' leughadh agus a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile airson an sgilean agus fileantachd cànain a leasachadh.

Gheibh iad sochairean mòra bho ionnsachadh làn-bhogaidh, leis gu bheil e:

  • ga dhèanamh nas fhasa dhaibh fàs fileanta sa Ghàidhlig ma tha iad a' tòiseachadh air ionnsachadh na bu tràithe
  • gan cuideachadh gus cànain eile ionnsachadh
  • a' cuideachadh an leasachadh cognatach le bhith a' bruidhinn barrachd air aon chànan
  • a' toirt dhaibh barrachd eòlas agus tuigse mu dheidhinn cultar na h-Alba.

Barrachd fiosrachaidh

Ma tha thu ag iarraidh barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn sgoil Ghàidhlig aig Bun-sgoil an Taobh Siar, cuiribh fios dhan sgoil fhèin aig westenquiries@renfrewshire.gov.uk no cuiribh fòn gu 0300 300 0177.

Ma tha ceist agad mu dheidhinn foghlam Gàidhlig san fharsaingeachd, cuiribh post-d dhan sgioba againn aig education@renfrewshire.gov.uk.