Renfrewshire Council

MEDIA RELEASE: Tha sinn air an t-slighe gu Mòd Phàislig 2023

BidhSeachdain na Gàidhlig ann am Pàislig na ro-bhlasad dhen ghàirdeachas a chì Pàislig nuair a chumas am baile am Mòd Nàiseanta Rìoghail - deich bliadhna bhon a chùm iad an tachartas cliùiteach mu dheireadh.

Tha dùil gun toir Mòd Phàislig, air a ruith leis a' Chomunn Ghàidhealach, na mìltean de luchd-tadhail is farpaisich don bhaile airson na fèise naoi-latha a bhios a' tachairt air feadh Phàislig eadar Dihaoine 13 - Disathairne 21 Dàmhair.

Bidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, prìomh fhèis na h-Alba airson cultar is dualchas na Gàidhlig , a' nochdadh raon de dh'fharpaisean, a' gabhail a-steach òrain Ghàidhlig, bàrdachd, litreachas, dràma, ceòl, dannsa Gàidhealach agus spòrs.

Agus air iomall a' Mhòid bidh raon de thachartasan agus chothroman do dhaoine airson eòlas fhaighinn air agus tlachd a ghabhail à ealain is cultar na Gàidhlig, a' toirt a-steach tachartasan do chlann is teaghlaichean, a' ruith aig an aon àm ri prìomh phrògram a' Mhòid.

Bidh an dàrna Seachdain na Gàidhlig bhliadhnail a' ruith eadar 20 - 26 Gearran. Is e cuspair na bliadhna sa 'Tighinn Còmhla' a' toirt prìomhachas do choimhearsnachdan a thoirt còmhla agus cudromachd agus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh.

Fhuair buidheann ionadail ealain is cultar na Gàidhlig, Fèis Phàislig, maoineachadh bho luchd-eagrachaidh Seachdain na Gàidhlig, Hands Up for Trad, gus Bàrd Phàislig: Cruthachadh Ghoireasan Bàrd Phàislig agus Cèilidh Teaghlaich a chumail mar phàirt de chomharrachadh na seachdain sa. Tha cuid de luchd-ciùil na Fèis air bhioran gu bheil am Mòd a' tighinn a Phàislig am-bliadhna.

thuirt co-òrdanaiche Fèis Phàislig, Grannd MacPhàrlain: "'S e cothrom air leth a th' anns a' Mhòd gus cultar na Gàidhlig a thaisbeanadh a tha air a bhith a' soirbheachadh sa bhaile bhon a bha an tachartas an seo ann an 2013. Tha buidhnean mar an Fhèis air nochdadh, tha fìor choimhearsnachd do chultar na Gàidhlig ann an Siorrachd Rinn Friù, agus tha am Mòd na dheagh chothrom a' choimhearsnachd sin a leasachadh agus a leudachadh."

Cha robh neach-ciùil slighe cèilidh na Fèise, Emma Loney (17) aig a' Mhòd a-riamh roimhe. Thuirt i: "Thuit mi ann an gaol le ceòl Traidiseanta oir tha e gu math dòigheil agus neo-fhoirmeil - tha deagh fhaireachdainn mun cuairt air agus tha mi a' coimhead air adhart gu mòr ri bhith faicinn a h-uile duine a' tighinn còmhla bho air feadh an t-saoghail airson ceòl traidiseanta a mhealtainn agus a chluich aig a' Mhòd."

Thug am Mòd àrdachadh de £2.5m air eaconamaidh sgìre Pheairt nuair a bha an fhèis sa bhaile an-uiridh. Thuirt mu 95% den fheadhainn a fhreagair suirbhidh aig tachartas 2022 gum biodh iad dualtach no glè dhualtach tadhal air a' Mhòd ann am Pàislig san Dàmhair am-bliadhna.

Thuirt Lorraine Chamshron, Pròbhaist Siorrachd Rinn Friù: "Tha Seachdain na Gàidhlig a' tabhann deagh chothrom taisbeanaidh air cultar beairteach na Gàidhlig a tha air a thighinn air adhart ann an Siorrachd Rinn Friù bhon a bha am Mòd againn mu dheireadh ann an 2013. 

"Tha mi a' coimhead air adhart ri Mòd Nàiseanta Rìoghail fhàilteachaidh air ais a Phàislig am-bliadhna, agus tha obair ullachaidh a' dol air adhart gus dèanamh cinnteach gum bi Mòd Phàislig na dheagh chomharrachadh air cànan is cultar na Gàidhlig."

Thuirt Seumas Greumach, Àrd Oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich: "Tha sinn air bhioran gus am Mòd Nàiseanta Rìoghail a thoirt air ais a Phàislig san Dàmhair. Bha Mòd Phàislig 2013 dìreach fhèin mìorbhaileach agus tha dealas a' bhaile airson cultar is cànan na Gàidhlig a leasachadh thar nan deich bliadhna a dh'fhalbh sgoinneil ri fhaicinn. Tha mi a' dèanamh fiughair ri barrachd ionnsachadh mu dhualchas eadar-mheasgte Phàislig tron Mhòd agus bidh e sgoinneil ceòl is cultar na Gàidhlig a chomharrachadh ann an togalaichean àlainn Phàislig."

Airson tuilleadh fiosrachaidh air Mòd Phàislig tadhlaibh air www.paisley.is.

 

Published on 22 February 2023

Related articles