MEDIA RELEASE: Buidhnean ann am Pàislig a' faighinn maoineachadh gus Seachdain na Gàidhlig a chomharrachadh
Tha bun-sgoil ionadail agus dà bhuidheann coimhearsnachd ann am Pàislig air maoineachadh fhaighinn gus tachartasan is gnìomhachdan a chur air dòigh a bhios a' cur air adhart cànan is cultar na Gàidhlig mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig 2023 (World Gaelic Week 2023).
Tha Bun-sgoil an Iar, Fèis Phàislig agus Soircas Coimhearsnachd Phàislig air maoineachadh de £500 fhaighinn bho luchd-eagrachaidh Seachdain na Gàidhlig, am buidheann airson cultar is ceòl traidiseanta na h-Alba, Hands Up for Trad, tro mhaoin nan tabhartasan beaga aca. Bidh am prògram de ghnìomhachdan na phàirt den dàrna Seachdain na Gàidhlig bhliadhnail, a bhios a' gabhail àite bho 20 gu 26 Gearran.
Tha na tachartasan am-bliadhna fon chuspair 'Tighinn ri Chèile' agus bidh iad a' toirt prìomhachas do choimhearsnachdan a thoirt ri chèile agus cudromachd is cleachdadh na Gàidhlig a chur air adhart.
Bidh Seachdain na Gàidhlig 2023 cuideachd ag amas gu sònraichte air foghlam. Gus luchd-teagaisg is daoine òga a chuideachadh gus pàirt a ghabhail san iomairt, thathar air pacannan foghlaim ioma-chuimseach a chruthachadh airson sgoiltean, ann an compàirteachas ri taigh-foillseachaidh stuthan foghlaim Twinkl.
Mar a' chiad sgoil Ghàidhlig ann an Siorrachd Rinn Friù, bidh Bun-sgoil an Iar a' comharrachadh an tachartais le bhith a' cur air dòigh sreath de ghnìomhachdan air feadh na seachdaine, a' gabhail a-steach leasain Ghàidhlig, farpais postair, còmhlan a' cluiche ceòl traidiseanta aig a' cho-thionail-sgoile agus leasain Ghàidhlig airson phàrantan is luchd-obrach.
Bidh Fèis Phàislig, buidheann ionadail airson ealain is cultar, a' cleachdadh a' mhaoineachaidh aca gus tachartas a chur air dòigh mu Bhàrd Phàislig, le goireasan gan cruthachadh gus Bàrd Phàislig a chomharrachadh, a bharrachd air Cèilidh Teaghlaich. Agus tha Soircas Coimhearsnachd Phàislig an dùil Latha Fosgailte Gàidhlig aig an t-Soircas a chur air bhonn, a bhios a' gabhail a-steach bùth-obrach a mhaireas dà uair a thìde agus trèanadh Gàidhlig airson luchd-obrach. Bidh an dà thachartas a' gabhail àite air Disathairne 25 Gearran.
Thuirt Ceannard Bun-sgoil an Iar, Lynne McGinn: "Tha luchd-obrach agus sgoilearan Bun-sgoil an Iar air an dòigh gu bheilear air maoineachadh fhaighinn gus pàirt a ghabhail sna tachartasan am-bliadhna airson Seachdain na Gàidhlig a chomharrachadh. Tha an cuspair am-bliadhna, 'Tighinn ri Chèile', gu sònraichte iomchaidh agus sinn a' comharrachadh na ciad bhliadhna de fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Siorrachd Rinn Friù.
"Tha ùidh mhòr sa Ghàidhlig air a bhith aig an dà chuid an luchd-obrach agus na sgoilearan againn a bhios ag ionnsachadh sa Bheurla, agus 40 sgoilear a tha ag ionnsachadh sa Bheurla air an ainm a chur sìos airson clasaichean Gàidhlig aig àm-lòin, agus bidh sinn a' togail air seo rè Seachdain na Gàidhlig."
Thuirt co-òrdanaiche Fèis Phàislig, Grant MacPhàrlain: "Tha sinn air ar dòigh a bhith a' comharrachadh Seachdain na Gàidhlig sa Ghearran seo agus a bhith a' cleachdadh a' mhaoineachaidh a fhuair sinn bhon iomairt. Bidh sinn ag àrdachadh aire air obair Dhòmhnaill Ruaidh Mac an t-Saoir - ris an cainte Bàrd Phàislig. Bidh sinn cuideachd a' cur air dòigh cèilidh teaghlaich, a bhios na fìor dheagh fheasgar de cheòl is dannsa agus na cothrom airson a' choimhearsnachd ionadail beagan a bharrachd fhaighinn a-mach mu Dhòmhnall Ruadh, mun Fhèis agus mun Ghàidhlig!"
Thuirt Kit Rodman-Orr, a tha na oide-ionnsaiche aig Soircas Coimhearsnachd Phàislig, neach aig a bheil a' Ghàidhlig: "Tha sinn air bhioran gun d'fhuair sinn am maoineachadh seo, a bhios a' leigeil leinn a' chiad tachartas Gàidhlig riamh a chur air dòigh an seo aig Soircas Coimhearsnachd Phàislig airson Seachdain na Gàidhlig! Air 25mh Gearran bidh sinn fosgailte bho 1f gu 3f airson duine sam bith a thighinn an seo agus na gnìomhachdan againn fheuchainn agus beagan Gàidhlig ionnsachadh aig an aon àm. Bho ròpa-uèir gu trapeze, caisreabhachd, dannsa san adhar air aon-rothair agus barrachd, no ma tha thu dìreach airson beagan cràic, cabadaich agus cèic, bidh sinn a' cur fàilte air luchd-bruidhinn na Gàidhlig den h-uile ìre. Tha sinn airson 'fàilte' a ràdh ris a h-uile duine sa choimhearsnachd againn."
Thuirt Pròbhaist Siorrachd Rinn Friù, Lorraine Chamshron: "Bu mhath leam meal an naidheachd a chur air a h-uile duine a fhuair maoineachadh gus Seachdain na Gàidhlig a chomharrachadh am-bliadhna. Tha an raon mìorbhaileach de ghnìomhachdan is tachartasan ionadail a' sealltainn an dìorrais is an dealais a th' againn airson taic agus brosnachadh a thoirt do chànan is cultar na Gàidhlig san sgìre.
"Bidh am prògram de thachartasan ann am Pàislig a' tairgse chothroman airson coimhearsnachdan ionadail a thighinn ri chèile, a dh'ionnsachadh agus a chomharrachadh, agus bhrosnaichinn a h-uile duine gus barrachd fhaighinn a-mach mu dheidhinn agus a dhol an sàs ann."
Chaidh barrachd is 60 iarrtas a chur a-steach do mhaoin nan tabhartasan beaga mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig. Bidh na trì buidhnean Phàislig a chaidh a thaghadh mar phàirt de 30 pròiseactan a bhios a' faighinn maoineachadh mar phàirt de na tachartasan clàraichte.
Bidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail, prìomh fhèill na h-Alba airson cànan is cultar nan Gàidheal, a' tilleadh gu Pàislig bho 13 gu 21 Dàmhair am-bliadhna, a' comharrachadh an dàrna turais a tha am baile air aoigheachd a thoirt don fhèill.
Gus barrachd fhaighinn a-mach mu thachartasan ann am Pàislig, tadhail air: www.paisley.is.
Airson barrachd fiosrachaidh air mar a dh'fhaodas tu a bhith an sàs ann an Seachdain na Gàidhlig 2023, tadhail air: www.seachdainnagaidhlig.scot.
Published on 3 February 2023